mainoff.gif
lastdyoff.gif
lastwkoff.gif
treeoff.gif
searchoff.gif
helpoff.gif
contactoff.gif
creditsoff.gif
homeoff.gif


The Daltaí Boards » Archive: 2005- » 2005 (Irish Only) » Luchd labhairt na Gàidhlig (bho "An Gàidheal Ùr") « Previous Next »

Author Message
Top of pagePrevious messageNext messageBottom of page Link to this message

Peadar_Ó_gríofa
Member
Username: Peadar_Ó_gríofa

Post Number: 356
Registered: 01-2005
Posted on Tuesday, October 18, 2005 - 02:00 am:   Small TextLarge TextEdit Post Print Post

Dealbh coileanta air luchd labhairt na Gàidhlig

Chaidh figearan fhoillseachadh a bha a’ sealltainn gu robh, ann an 2001, beagan comais sa Ghàidhlig aig còrr air 92,000 duine an Alba — dìreach beagan nas lugha na dhà sa cheud den àireamh-sluaigh — agus gu robh faisg air dàrna leth nan daoine sin a’ fuireach anns na h-Eileanan Siar, sa Ghàidhealtachd no ann an Earra-Ghàidheal is Bòd.

Bha na figearan ann an aithisg a chaidh fhoillseachadh le Clàradair na h-Alba mu chleachdadh na Gàidhlig an Alba, air an toirt bho chunntasan-sluaigh 2001 agus 1991.

Thuirt Donnchadh MacGhillenaoimh, Clàradair na h-Alba: “Tha an aithisg seo, a tha stèidhichte air mion-sgrùdadh de chunntas-sluaigh 2001, a’ sealltainn gu bheil piseach agus crìonadh a’ tighinn air a’ Ghàidhlig. Thuit an àireamh de luchd-labhairt na Gàidhlig 7,300 rè nan 1990an. Ach, mheudaich an àireamh de dhaoine a bha a’ leughadh Gàidhlig 3,200 agus dh’èirich an àireamh de dhaoine a tha comasach air sgrìobhadh ann an Gàidhlig 3,100.

“Chithear bhon chunntas-sluaigh gu bheil a’ Ghàidhlig a’ crìonadh anns na prìomh sgìrean traidiseanta aice, gu sònraichte sna h-Eileanan Siar, ach a’ fàs ann an iomadh pàirt eile de dh’Alba — agus am measg òigridh. B’ urrainn do mu 430 a bharrachd de dh’òigridh, aois còig gu naoi, Gàidhlig a bhruidhinn ann an 2001 na ann an 1991. Tha i a’ gluasad bho bhith na cainnt-beòil gu bhith na cànan a thathar a’ bruidhinn, a’ leughadh agus a’ sgrìobhadh.”

‘S iad na prìomh thoraidhean:

• Bha beagan comais sa Ghàidhlig aig 92,400 neach aois trì agus os a chionn ann an 2001.

• Bha barrachd dhaoine le comas sa Ghàidhlig a’ fuireach sna h-Eileanan Siar (18,420), Roinn na Gàidhealtachd (18,360) agus Earra-Ghàidheal agus Bòd (6,520) na ann an roinn comhairle sam bith eile.

• Chaidh an àireamh de dhaoine aois a trì agus os a chionn comasach air bruidhinn Gàidhlig sìos 11 sa cheud eadar 1991 agus 2001. Mheudaich an àireamh a b’ urrainn Gàidhlig a leughadh seachd gu leth sa cheud agus mheudaich an àireamh comasach air Gàidhlig a sgrìobhadh 10 sa cheud anns an aon ùine.

• Thuit an àireamh de dhaoine a b’ urrainn bruidhinn, leughadh no sgrìobhadh Gàidhlig gu 3,800 nas lugha (sia sa cheud) eadar 1991 agus 2001, agus dh’èirich an àireamh le comas Gàidhlig nas motha, a b’ urrainn an cànan a bhruidhinn, a leughadh agus a sgrìobhadh gu 1,800 a bharrachd (sia sa cheud) anns an aon ùine.

• Ann an 2001 b’ e luchd-labhairt Gàidhlig a bha ann an 63 sa cheud de dhaoine aois a trì agus os a chionn le beagan comais sa Ghàidhlig, agus bha 29 sa cheud comasach air Gàidhlig a thuigsinn ach cha robh air a bruidhinn, a leughadh no a sgrìobhadh.

• Mheudaich ìrean labhairt Gàidhlig eadar 1991 agus 2001 do dhaoine aois eadar còig agus naoi, ged a bha tuiteam airson nan aoisean sin ann am prìomh sgìrean Gàidhlig nan Eilean Siar agus san Eilean Sgitheanach agus Loch Aillse.

• Ann an 2001, bha luchd-labhairt Gàidhlig aois trì agus os a chionn timcheall air còig bliadhna agus ochd mìosan na bu shine na buill cuibheasach den àireamh-sluaigh.

• Ann an 2001, bha comas sa Ghàidhlig aig 72 sa cheud de dhaoine a bha a’ fuireach anns na h-Eileanan Siar, na b’ àirde na roinn ùghdarrais ionadail sam bith eile an Alba.

• Taobh a-muigh nam prìomh cheàrnaidhean Gàidhlig, b’ e dìreach aon sa cheud den àireamh-sluaigh aig an robh comas sam bith sa Ghàidhlig ann an 2001.

• Thuit an àireamh agus an àireamh sa cheud de dhaoine a’ bruidhinn Gàidhlig anns na h-Eileanan Siar eadar 1991 agus 2001 airson a h-uile buidheann aoise.

• B’ ann aig sgìre Bharabhais, ann an iar-thuath nan Eilean Siar, a bha a’ chuibhreann a b’ àirde de luchd-labhairt Gàidhlig ann an Alba gu lèir — 75 sa cheud ann an 2001 agus 87 sa cheud ann an 1991.

A’ bruidhinn mu na figearan, thuirt ministear an fhoghlaim, Peadart Peacock: “‘S e naidheachd mhath a tha seo dhan Gàidhlig agus e a’ sealltainn mar a tha an cànan a’ faighinn taic air feadh na dùthcha, gu h-àraidh ann an sgìrean nach eil gam faicinn mar chridhe a’ chànain, agus gu bheil àrdachadh air a thighinn anns na h-àireamhan as urrainn a’ Ghàidhlig a leughadh ‘s a sgrìobhadh.

“Sin na daoine as urrainn an cànan a chumail beò san àm ri teachd agus dèanamh cinnteach gum bi i na phàirt mhòr ann am beatha a h-uile duine.

“Tha e gu h-àraidh misneachdail gu bheil sinn a’ faicinn àrdachadh anns an àireamh òigridh le sgilean Gàidhlig. Tha seo a’ sealltainn cho cudromach ‘s a tha foghlam tro mheadhan na Gàidhlig agus mar a tha e a’ fàs, rud a tha cuideachd a’ ciallachadh gum bi an cànan seo soirbheachail san àm ri teachd.”

http://www.an-gaidheal-ur.co.uk/damhair05.pdf

Peadar Ó Gríofa

Add Your Message Here
Posting is currently disabled in this topic. Contact your discussion moderator for more information.


©Daltaí na Gaeilge